fbpx

About Andrew – GD

Chaidh an t-Urramach Anndra MacLachlainn CSC CStJ a thaghadh airson Comhairle Reachdail Pàrlamaid Astràilia a Deas sa Mhàrt 2014.

Mus deach a thaghadh airson na Pàrlamaid, bha grunn dhreuchdan nàiseanta aig Anndra aig ìre àrd-neach-stiùiridh agus aig àrd-ìre ann an gnìomhachas nan seirbheisean ionmhasail. Am measg nan dreuchdan sin bha e na neach-stiùiridh aig àrd-ìre aig aon de na prìomh chompanaidhean airson sheirbheisean ionmhasail ann an Astràilia agus bha e na Stiùiriche airson Ionad Eadar-nàiseanta nan Seirbheisean Ionmhasail aig Oilthigh Adelaide. Tha e air a bhith na bhall den bhuidheann-ghnìomha nàiseanta aig Comann Corparaidean Urrasairean Astràilia agus na bhall de na bùird airson cumail ri reachdas is airgead a chur an seilbh aig Comhairle nan Seirbheisean Ionmhasail.

An toiseach thòisich Anndra ag obair mar neach-lagha ann an Adelaide. Ghluais e a Phort Augusta an uair sin gus seirbheisean laghail a thoirt do dhaoine a bha a’ fuireach is ag obair ann an ceann a tuath Astràilia a Deas. Nuair a thill e a dh’Adelaide rinn e obair spèisealta co-cheangailte ri peinnseanan, obair banca agus laghan ionmhais. B’ ann mar thoradh air an eòlas spèisealta sin a thug e a-mach dreuchd sna seirbheisean ionmhasail.

Tha e na Bhall Caidreabhach de dh’Institiud Cìse Astràilia agus Institiud Sheirbheisean Ionmhasail Astràilia. Tha Ceum Baidsealair nan Laghan aige bho Oilthigh Adelaide, Ceum Maighstir nan Laghan bho Oilthigh Dhùn Èideann agus Ceum Maighstireil ann an Rianachd Gnothachais bho Sgoil Luchd-ceuma Astràilia airson Luchd-stiùiridh (Oilthigh Sydney agus Oilthigh New South Wales).

Tha Anndra na Chòirnealair ann an Cùl-fheachd Arm Astràilia agus tha e air seirbheis a dhèanamh ann an Afghanistan. Ann an 2007 fhuair e a’ Chrois airson Sàr Sheirbheis airson na seirbheis a rinn e san Arm. Ri linn na seirbheis a rinn Anndra san Arm, chaidh e na neach-cuideachaidh airson na buidhne ‘Legacy’.

Tha e cuideachd na bhall de dh’Ambaileans an Naoimh Eòin. Tha e air a bhith na bhall de na Bùird Stàite agus Nàiseanta aca. Ann an 2014 chaidh an tiotal, Commandair an Òrduigh as Urramaiche de dh’Ospadal an Naoimh Eòin ann an Ierusalem, a bhuileachadh air.